Visit Us Heritage Gaelic Self Catering Weddings Estate News / events Friends
 

Clan Donald Skye - Ar dìleab - Ur dearbhachdAlba

Thigibh a chèilidh air an 20, 000 acair againn ann an Slèite - leth-eilean air leth àlainn. Chithear seallaidhean iongantach air na slèibhtean taobh thall na mara ann an Cnòideart agus mu thuath dhan Chuiltheann ghlòrmhor.

Chaidh an gàrradh againn de 40 acair coillteach a stèidheachadh sna 1600an, agus tha e a' cuairteachadh làrach mhòrail Chaisteal Armadail 's na roinne Gotaich aige. Tha na lèanagan lurach, ceumannan barraide, feannagan fhlùraichean, lòintean dealbhte loma-làn bheathaichean agus am brat-earraich brèagha aice de churracan-cuthaige a' dèanamh seo na seud phrìseil dhen Eilean Sgitheanach.

Leanaibh a-null nan slighean 's nan ceumannan seachad air a' ghàrradh gu ruige coilltean aosmhor agus tràighean iomallach far am faic sibh, 's dòcha, mucan-mara, iolairean agus fèidh.

Lorgaibh eachdraidh nan Gàidheal is Chlann Dòmhnaill, fear de na cinnidhean as cliùitiche ann an Alba, ann an Taigh-tasgaidh nan Eilean. Faodaidh sibh ur sinnsearachd fhèin a rannsachadh, 's sibh a' leantainn cas-cheum nan ceann-cinnidh agus Flòraidh NicDhòmhnaill a thug cobhair dhan Phrionnsa Theàrlach, 's a phòs an seo.

Tadhailibh air ar bùithtean tiodhlaic agus gabhaibh ur leòr de bhiadh taiceil na dachaigh ann an Taigh-bìdh nan Stàball gus cuairt-latha a thoirt gu crìoch chòrdail còmhla ris an teaghlach.

Linntean de dh'eachdraidh, na ceudan de chuairtean, 20,000 acair air a' bhlàr mhòr a-muigh ann an Alba... dh'fhaoidte nach fòghainnear aon turas gus a h-uile càil fheuchainn!

Fònaibh no tadhailibh air ar làraich-lìn airson mion-fhiosrachadh air inntrigeadh do chiorramaich.

Fosgailte seachd làithean san t-seachdain, An Giblean gu An Dàmhair Uairean fosglaidh: 9.30m – 5.30f (Inntrigeadh mu dheireadh: 5f)