|
Clan Donald Skye - Ar dìleab - Ur dearbhachd
Thigibh a chèilidh air an 20, 000 acair againn ann an Slèite -
leth-eilean air leth àlainn. Chithear seallaidhean iongantach air
na slèibhtean taobh thall na mara ann an Cnòideart agus mu
thuath dhan Chuiltheann ghlòrmhor.
Chaidh an gàrradh againn de 40 acair coillteach a
stèidheachadh sna 1600an, agus tha e a' cuairteachadh làrach
mhòrail Chaisteal Armadail 's na roinne Gotaich aige. Tha na
lèanagan lurach, ceumannan barraide, feannagan fhlùraichean,
lòintean dealbhte loma-làn bheathaichean agus am brat-earraich
brèagha aice de churracan-cuthaige a' dèanamh seo na seud
phrìseil dhen Eilean Sgitheanach.
Leanaibh a-null nan slighean 's nan ceumannan seachad air a'
ghàrradh gu ruige coilltean aosmhor agus tràighean iomallach
far am faic sibh, 's dòcha, mucan-mara, iolairean agus fèidh.
Lorgaibh eachdraidh nan Gàidheal is Chlann Dòmhnaill, fear
de na cinnidhean as cliùitiche ann an Alba, ann an Taigh-tasgaidh
nan Eilean. Faodaidh sibh ur sinnsearachd fhèin a
rannsachadh, 's sibh a' leantainn cas-cheum nan ceann-cinnidh
agus Flòraidh NicDhòmhnaill a thug cobhair dhan Phrionnsa
Theàrlach, 's a phòs an seo.
Tadhailibh air ar bùithtean tiodhlaic agus gabhaibh ur leòr de
bhiadh taiceil na dachaigh ann an Taigh-bìdh nan Stàball gus
cuairt-latha a thoirt gu crìoch chòrdail còmhla ris an teaghlach.
Linntean de dh'eachdraidh, na ceudan de chuairtean, 20,000
acair air a' bhlàr mhòr a-muigh ann an Alba... dh'fhaoidte nach
fòghainnear aon turas gus a h-uile càil fheuchainn!
Fònaibh no tadhailibh air ar làraich-lìn airson mion-fhiosrachadh
air inntrigeadh do chiorramaich.
Fosgailte seachd làithean san t-seachdain, An Giblean gu
An Dàmhair
Uairean fosglaidh: 9.30m – 5.30f (Inntrigeadh mu dheireadh: 5f)
|